Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 41:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An dèan e coicheangal riut? An gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.

An dèan e mòran aslachaidh ort? An labhair e briathran mìne riut?

An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean?

An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.

An sin gabhaidh tu minidh, agus cuiridh tu tro a chluais e anns an doras, agus bidh e na sheirbhiseach dhut gu bràth: agus mar an ceudna rid bhanoglaich nì thu mar sin.

An sin chaidh Nahas an t‑Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis-ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis ri Nahas, Dèan coicheangal rinn, agus nì sinne seirbhis dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan