Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 41:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.

Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air.

An sin fhreagair Iob an Tighearna, agus thubhairt e,

Air an adhbhar sin tillidh a shluagh an seo, agus fàisgear uisgeachan cupain làin a‑mach dhaibh.

Uime sin mar shlabhraidh chuartaich àrdan iad; mar thrusgan chòmhdaich fòirneart iad.

Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd.

Is an‑aoibhinn do chrùn uaibhreach misgearan Ephraim, agus do bhlàth seargach am maise glòrmhoir; dhaibhsan a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, a tha air an leagadh sìos le fìon.

Labhair agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, an uabheist mhòr a tha na laighe ann am meadhon a aibhnichean fhèin, a thubhairt, Is leam fhèin m’abhainn, rinn mi air mo shon fhèin i.

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan