Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 41:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Gluaisidh e a earball mar sheudar: tha fèithean-luthaidh a shlèisdean ceangailte ri chèile.

Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn.

Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich-mhuilinn ìochdaraich.

A mhic an duine, tog suas tuireadh airson Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus abair ris, Is cosmhail thu ri leòmhann òg de na cinnich, agus tha thu mar uabheist anns na cuantan; agus thàinig thu a‑mach led shruthan, agus chuir thu troimhe chèile na h‑uisgeachan led chasan, agus shalaich thu an aibhnichean.

Agus bha aca uchd-èididhean, mar uchd-èididhean iarainn, agus bha fuaim an sgiathan mar fhuaim carbadan mòran each a’ ruith a‑chum catha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan