Lasaidh a anail gual, agus thèid lasair a‑mach as a bheul.
A cuinneinean a shròine thig deatach a‑mach, mar à poit air ghoil, no coire.
Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn.
On dealradh a bha fa chomhair chaidh a neòil thairis, clachan-meallain agus èibhlean teine.
Chaidh deatach suas as a shròin, agus dhian-loisg teine as a bheul; lasadh èibhlean leis.
Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.
Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh, nuair a shèideas gaoth an Tighearna air; gu cinnteach is feur an sluagh.
Ro a ghnùis chaidh a’ phlàigh; agus chaidh èibhlean teine a‑mach o a chasan.