Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 41:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a bhris mi suas dhi m’àite suidhichte, agus a rinn mi dhi crannan agus dorsan;

Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte?

Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann;

Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.

Bris am fiaclan, a Dhè, nam beul; pronn gu tur tuisg nan leòmhann òga, a Thighearna.

Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan-cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh, agus nam feumach o mheasg dhaoine.

Agus an dùinear na dorsan anns na sràidean, nuair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’èireas e suas aig guth an eòin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiùil;

Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan