Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte?
A chionn gu bheil fraoch d’fheirge am aghaidh, agus d’onfhadh air teachd a‑nìos gum chluasan, uime sin cuiridh mi mo dhubhan ad shròin, agus mo shrian ad bheul, agus tillidh mi air d’ais thu anns an t‑slighe air an tàinig thu.
Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach.
Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt.
Na bi mar each no mar mhuileid aig nach eil ciall, don cuirear sparrag agus srian nam beul, a‑chum nach tig iad am fagas dhut.
Feuch, tha sinn a’ cur shrian ann am beul nan each, a‑chum gum bi iad umhail dhuinn, agus tionndaidhidh sinn an corp uile mun cuairt.