Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 41:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?

Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an là, a tha deas a thogail Lebhiatain.

Dorchaichear reultan a dùbhra; amhairceadh i airson solais, ach na tigeadh e; agus na faiceadh i rosgan na maidne:

A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

Feuch, is dìomhain a dhòchas-san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos?

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain?

Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?

Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mise os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?

Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan