Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 41:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tarraing thu a‑mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le còrd a leigeas tu sìos?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn.

Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an là, a tha deas a thogail Lebhiatain.

Na shùilean an glac duine e? Le dubhain an toll e a shròn?

An sin siùbhlaidh na longan, agus an Lebhiatan sin a dhealbh thu gu bhith a’ sùgradh ann.

Phronn thu cinn Lebhiatain; thug thu e mar bhiadh don t‑sluagh anns an fhàsach.

Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan