Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.
Agus brisear ur coicheangal ris a’ bhàs, agus cha seas ur còrdadh ris an uaigh: nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, an sin bidh sibhse air ur saltairt sìos leatha.
Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?
Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort.
A bhràithrean, tha mi a’ labhairt mar dhuine; ged nach bi ann ach coicheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach air bith air cùl e, agus cha chuirear nì sam bith ris.
Agus tha mi ag ràdh seo, nach fhaodar gun cuir an lagh, a thugadh an ceann ceithir cheud agus deich-bliadhna-fichead na dhèidh, an coicheangal an neo-bhrìgh, a dhaingnicheadh roimhe le Dia ann an Crìosd, ionnas gun cuireadh e an gealladh air cùl.