Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 40:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Israeil daoine a dh’ionnsaigh an àite mun d’innis an duine le Dia dha, agus mun tug e rabhadh dha, agus dhìon e e fhèin an sin, cha b’ann aon uair no dà uair.

Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair chan amhairc e thairis air.

Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn.

Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle.

Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan