Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 40:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre:

Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.

Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an dèidh dha an sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an nì a rinn mi: agus a‑nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich, oir rinn mi gu ro‑amaideach.

Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.

A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo.

Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.

Ach tha thusa cothromach anns gach nì a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu fìrinneach, ach rinn sinne gu h‑aingidh.

O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach!

Amhaircibh orm, agus biodh ioghnadh oirbh, agus cuiribh ur làmh air ur beul.

Sguir na h‑uachdarain de labhairt, agus chuir iad an làmh air am beul.

Àireamh mo cheuman chuirinn an cèill dha; mar cheannard rachainn am fagas dha.

Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais.

Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e,

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

Ma rinn thu gu h‑amaideach le thu fhèin a thogail suas, no ma smaoinich thu olc, cuir do làmh air do bheul.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Cuiridh e a bheul anns an duslach, mas e is gum faod dòchas a bhith ann.

A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais.

O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa.

Agus ma bhriseas luibhre gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, agus gun còmhdaich an luibhre craiceann an neach air a bheil a’ phlàigh uile o a cheann gu a throigh, ge bè ball air an amhairc an sagart:

Chì na cinnich, agus bidh iad fo amhluadh airson an uile chumhachd: cuiridh iad an làmh air am beul, bidh an cluasan bodhar.

Ach tha an Tighearna na theampall naomh: bi ad thosd na fhianais, O thalaimh uile.

Bi tosdach, O uile fheòil, an làthair an Tighearna: oir tha e air a thogail suas o a ionad-còmhnaidh naomh.

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.

Agus thubhairt iadsan ris, Bi ad thosd, cuir do làmh air do bheul, agus falbh maille rinne, agus bi dhuinn ad athair agus ad shagart: an fheàrr dhut a bhith ad shagart do thaigh aon duine, na thu a bhith ad shagart do threubh agus do theaghlach ann an Israel?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan