Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 40:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An teagaisg esan a nì strì ris an Uile-chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Their mi ri Dia, Na dìt mi; thoir fios dhomh carson a tha thu a’ cur am aghaidh.

Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.

Chuirinn mo chùis an òrdagh na làthair, agus lìonainn mo bheul le argamaidean.

Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,

Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama:

Don duine aig a bheil a shlighe falaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh?

Tha thu air fàs an‑iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu gad chur fhèin am aghaidh.

Och nach èisdeadh aon rium! Feuch, is e mo mhiann gum freagradh an t‑Uile-chumhachdach mi, agus gun sgrìobhadh m’fhear-casaid leabhar.

Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas.

Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.

A thuilleadh air seo fhreagair an Tighearna Iob, agus thubhairt e,

Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e,

Am muir mi, no muc-mhara, gun cuireadh tu faire orm?

Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle.

An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris-san as treasa na e fhèin.

Cò ris a chuir e a chomhairle, agus cò a theagaisg e, agus a sheòl dha ceum a’ bhreitheanais, agus a dh’ionnsaich dha eòlas, agus a sheòl dha slighe na tuigse?

Tha esan am fagas a dh’fhìreanaicheas mi; cò esan a nì strì rium? Seasamaid a‑mach le chèile; cò e m’eascaraid? Thigeadh e dlùth am chòdhail.

Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna.

Ciod as ciall dhuibh gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t‑sean-fhacail seo a‑thaobh dùthaich Israeil, ag ràdh, Dh’ith na h‑athraichean dearcan searbha, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne?

Agus air dhaibh a fhaotainn, rinn iad gearan an aghaidh fhir-an‑taighe.

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?

Oir cò dom b’aithne inntinn an Tighearna, agus a theagaisgeas e? Ach tha inntinn Chrìosd againne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan