Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 40:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gluaisidh e a earball mar sheudar: tha fèithean-luthaidh a shlèisdean ceangailte ri chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.

Le craiceann agus le feòil chòmhdaich thu mi, agus le cnàmhan agus fèithean-luthaidh dhìon thu mi.

Feuch a‑nis, tha a neart na leasraidh, agus a spionnadh ann an imleig a bhronn.

Tha a chnàmhan làidir mar umha; tha a chnàmhan mar chroinn iarainn.

Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan