Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, as a sheirbhisich chan earb e; agus as leth a ainglean cuiridh e amaideachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e fhèin a bheir breith orrasan a tha àrd?

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

A’ dèanamh a ainglean nan spioradan, a luchd-frithealaidh nan teine lasrach.

Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;

Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite-còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan