Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 4:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am bi duine nas ceirte na Dia? Am bi fear nas glaine na a Chruithear?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi?

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

Nach e an tì a rinn mise anns a’ bhroinn, a rinn esan? Agus nach aon a dhealbh sinn anns a’ bhroinn?

Oir chan aithne dhòmhsa cainnt mhiodalach: nam b’aithne, gu h‑aithghearr bheireadh mo Chruithear air falbh mi.

Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,

An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd-sa os cionn fìreantachd Dhè;

Tàirngidh mi m’eòlas o chèin, agus dom Chruithear bheir mi ceartas.

Sheas e, ach cha d’aithnich mi a chruth: dealbh fa chomhair mo shùl-tosd, agus chuala mi guth:

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile-chumhachdach ceartas?

Gu deimhinn tha fhios agam gu bheil e mar sin: oir cionnas a shaoras duine e fhèin am fianais Dhè?

Agus na tig ann am breitheanas led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith.

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

Oir chan eil duine ceart air an talamh, a nì math, agus nach peacaich.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?

O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?

Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan