Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.
Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.
Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.
Gidheadh chuala mi fuaim a bhriathran: agus nuair a chuala mi fuaim a bhriathran, an sin bha mi ann an cadal trom air m’aghaidh, agus m’aghaidh ris an làr.
Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran-sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.