Ach am ionnsaigh-sa thugadh facal gu h‑uaigneach, agus ghabh mo chluas beagan dheth.
Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e.
Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?
Ann an aisling, ann an sealladh na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, nuair a bhios iad nan suain air an leabaidh;
Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.
Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.