Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine.
Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.
Am bi an t‑aon-adharcach toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich?
Feuch a‑nis Behemot, a rinn mise maille riut; ithidh e feur mar dhamh.
An dèan am fiadh-asal sitrich os cionn feòir? An dèan an damh geum os cionn a innlinn?
Agus bidh gach nì air an tuit a’ bheag den cairbh, neòghlan; mas àmhainn e, no coireachan, brisear sìos iad: neòghlan tha iad, agus neòghlan bidh iad dhuibh.