Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 39:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Cuideachd bidh tàmh aig na prìosanaich; cha chluinn iad guth an fhir-shàrachaidh.

An ceangail thu an t‑aon-adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh?

Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach.

Don do rinn mi a thaigh den fhàsach, agus a àite-còmhnaidh den fhearann neo-thorrach.

Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine.

Uime sin imichibh a‑nis, dèanaibh obair; oir cha toirear connlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clachan-creadha.

Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium; mar a raoiceas an leòmhann, eadhon an leòmhann òg, os cionn a chobhartaich, nuair a chruinnichear buidheann bhuachaillean na aghaidh; cha ghabh e geilt ron guth, agus cha chaill e a mhisneach airson an co‑ghàir; is amhlaidh a thig Tighearna nan sluagh a‑nuas gu cogadh airson sliabh Shioin, agus airson a chnuic.

Carson a thraisg sinn, their iad, agus nach eil thusa a’ faicinn? Carson a chràidh sinn ar n‑anam, agus nach eil thusa a’ toirt fa‑near? Feuch, ann an là ur traisg tha sibh a’ mealtainn ur sòlais, agus ur n‑uile dhlighe saothrach tha sibh ag agairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan