Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 39:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Don do rinn mi a thaigh den fhàsach, agus a àite-còmhnaidh den fhearann neo-thorrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Feuch, mar asalan fiadhaich anns an fhàsach thèid iad a‑mach a‑chum an obrach, ag èirigh gu moch a‑chum creiche: bheir am fàsach biadh dhaibh dan òigridh.

Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.

Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Agus sheas na h‑asail fhiadhaich air na h‑ionadan àrda, tharraing iad suas a’ ghaoth mar dhràgonan; dh’fhàilnich an sùilean a chionn nach robh feur ann.

Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh.

Mar asail fhiadhaich cleachdte ri fàsach, a thàirngeas a’ ghaoth suas na cuinneinean, ann an cìocras a h‑anama: an tràth a thig a miann, cò a thilleas i? Iadsan uile a bhios ga h‑iarraidh cha sgìthichear iad; an ceann a mìosa gheibh iad i.

Ach a làthach, agus a àiteachan fliucha cha bhi air an leigheas, bheirear iad thairis gu salann.

Oir chaidh iad suas gu Asiria: is asal fhiadhaich anns an aonach Ephraim; thuarasdalaich iad leannain.

Agus gu bheil a thalamh uile na phronnasg, agus na shalann, agus na losgadh, nach eil e air a chur, no a’ toirt toraidh uaithe, agus nach eil feur sam bith a’ fàs ann, cosmhail ri sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, Admah agus Sheboim, a sgrios an Tighearna na fheirg, agus na chorraich;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan