Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh.
Cruadhaichear i an aghaidh a h‑àlaich, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal;
Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach.
Bùraichidh e le a chois anns a’ ghleann, agus nì e gàirdeachas na neart: thèid e air aghaidh an coinneamh an airm.
Nì am balg-saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath.
Air thalamh chan eil a shamhail, a rinneadh as eugmhais eagail.
Fuaim slait-sgiùrsaidh, agus torman faram nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach.