An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad?
An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh?
Cromaidh iad iad fhèin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do‑bhròn.
Mar asail fhiadhaich cleachdte ri fàsach, a thàirngeas a’ ghaoth suas na cuinneinean, ann an cìocras a h‑anama: an tràth a thig a miann, cò a thilleas i? Iadsan uile a bhios ga h‑iarraidh cha sgìthichear iad; an ceann a mìosa gheibh iad i.