Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e.
An sin chan Maois agus clann Israeil an laoidh seo don Tighearna, agus labhair iad ag ràdh, Canaidh mise don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.