Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 39:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort; rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.

A chionn gun do dhiùlt Dia dhi gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe.

An tug thusa neart don each? An d’èidich thu a mhuineal le tàirneanaich?

Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh.

Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.

Mar chonnlaich measar gathan; agus nì e gàire ri crathadh sleagha.

Ri sgrios agus ri gorta gàiridh tu: agus ro fhiadh-bheathaichean na talmhainn cha bhi eagal ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan