Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe.
Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.
Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.