An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha.
Tàirngidh eadhon na dràgoin a‑mach am broilleach, bheir iad a’ chìoch dan àlach: tha nighean mo shluaigh-sa an‑iochdmhor, mar na sruthan anns an fhàsach.