Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 39:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An creid thu e gun aisig e do shìol, agus gun cruinnich e e dod ùrlar-bualaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Anns na làithean sin chunnaic mi ann an Iùdah daoine a’ saltairt fhìon-amar air an t‑sàbaid, agus a’ toirt a‑steach sguab, agus a’ cur luchd air asalan; agus mar an ceudna fìon, fìondhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a‑steach do Ierusalem air là na sàbaid: agus thug mi fianais nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh.

An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?

An tusa a thug sgiathan brèagha do na peucagan? No sgiathan agus iteach don struth;

Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram.

Feuch, bruthaidh mise ur n‑àite, mar a bhruthas carbad luchdaichte le arbhar a sguaban.

A bheil sìol fhathast anns an t‑sabhal? Seadh, gu ruige seo, cha tug an fhìonain, no a’ chraobh-fhìge, no am pomgranat, no an crann-ola, seachad toradh. Ach on là seo a‑mach beannaichidh mise.

Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd-buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.

Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan