Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 39:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An ceangail thu an t‑aon-adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig teachdaire gu Iob, agus thubhairt e, Bha na daimh ag àr, agus na h‑asail ag ionaltradh làimh riu;

An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?

Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich?

Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.

Am bi an t‑aon-adharcach toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich?

An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean?

Air mo dhruim threabh an luchd-treabhaidh; tharraing iad an sgrìoban fada.

Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa a tha ag àiteachadh Lacheis. B’ise bu toiseach peacaidh do nighinn Shioin: oir annadsa fhuaireadh easaontais Israeil.

Thug Dia a‑mach iad as an Eiphit; tha aige amhail neart an aon-adharcaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan