Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 39:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad?

Tha na beanntan àrda nan tèarmann do na gobhair fhiadhaich, na creagan do na coineanan.

Bheir guth an Tighearna air na h‑èildean an laoigh a thilgeadh, agus lomaidh e na coilltean; agus na theampall cuiridh gach neach an cèill a ghlòir.

Seadh fòs, rug an eilid a laogh anns a’ mhachair, agus thrèig i e, a chionn nach robh feur ann.

Am fiadh, agus an ruadh-bhoc, agus an dathais, agus a’ ghobhar fhiadhaich, agus an t‑earr-gheal, agus an damh fiadhaich, agus an somar.

An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh-ghobhar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan