Agus rinn Dia an t‑adhar, agus chuir e dealachadh eadar na h‑uisgeachan a bha fon adhar, agus na h‑uisgeachan a bha os cionn an adhair: agus bha e mar sin.
Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?
Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach-tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh-chothroim?
Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?