Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 38:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang-thomhais air?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Nas fhaide na an talamh a thomhas, agus nas leithne na an fhairge.

A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas.

Cò a chuir an talamh fo a chùram, agus cò a shuidhich an domhan uile?

Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a‑mach, agus am facail gu iomall an domhain.

Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan-san.

Nuair a dheasaich e na nèamhan, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne;

Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;

Ach sealbhaichidh am pelican agus a’ ghràineag i; agus gabhaidh a’ chailleach-oidhche agus am fitheach còmhnaidh innte; agus sìnidh e thairis oirre sreang an lèirsgrios, agus clachan na faoineachd.

Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach-tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh-chothroim?

Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd-àiteachaidh mar fhionnain-fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh;

A‑chum an soisgeul a shearmonachadh anns na h‑ionadan an taobh thall dhibhse, agus chan ann a‑chum uaill a dhèanamh ann an riaghailt duine eile, à nithean a tha ullamh cheana.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan