Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 38:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall-fheitheimh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?

Agus thèid na fiadh-bheathaichean a‑steach dan garaidhean, agus nan àitean-tàimh laighidh iad.

Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh.

Nì e feall-fhalach gu diamhair, mar leòmhann na gharaidh; nì e feall-fhalach a‑chum gun glac e an duine bochd; glacaidh e an duine bochd, ga tharraing na lìon.

Feuch, èiridh an sluagh suas mar leòmhann mòr, agus mar leòmhann òg togaidh e suas e fhèin: cha laigh e sìos gus an ith e a’ chreach, agus gus an òl e fuil nam marbh.

Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan