Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 38:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha làmh an Tighearna air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e ro Ahab, gus an tàinig e do Iesreel.

Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.

An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.

Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e fhèin a bheir breith orrasan a tha àrd?

An teagaisg esan a nì strì ris an Uile-chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.

Crioslaich a‑nis mar dhuine do leasraidh: feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.

Eisd, guidheam ort, agus labhraidh mi: feòraichidh mi dhìot, agus foillsich thusa dhomh.

Agus mar seo ithidh sibh e; le ur leasraidh crioslaichte, ur brògan air ur casan, agus ur lorg nur làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; is i càisg an Tighearna a tha ann.

Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh i a gàirdeanan.

Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais.

Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan