Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas?
Ach agamsa tha tuigse, mar a tha agaibhse; chan ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach eil fhios air an leithidean sin?
Agus mura eil e mar sin a‑nis, cò a nì breugaire dhìom, agus a bheir gu neoni mo chainnt?
Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?
Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi.
Labhair Iob gun eòlas, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais.
Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas.
Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon-sa, nach b’aithne dhomh.
A’ miannachadh a bhith nan luchd-teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte.