Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 38:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e:

Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad-san?

Shuidhich thu uile chrìochan na talmhainn; rinn thu an samhradh agus an geamhradh.

Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.

Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar na nèamhan shuas a thomhas, agus bunaitean na talmhainn shìos a rannsachadh a‑mach, an sin tilgidh mise uam mar an ceudna uile shliochd Israeil, airson gach nì a rinn iad, deir an Tighearna.

Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan