Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach.
A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as.
Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd.
Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean.
Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich thu e; sheas na h‑uisgeachan os cionn nam beann.