Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 38:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e:

Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e bun-os‑cionn iad anns an oidhche, agus sgriosar iad.

Mar dhroch dhaoine buailidh e iad ann an sealladh soilleir dhaoine eile:

Cha ghlèidh e beò an t‑aingidh; ach bheir e ceartas do na bochdan.

Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn.

O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich?

Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach.

Sgriosar peacaich a‑mach as an talamh, agus cha bhi na h‑aingidh ann nas mò. Beannaich an Tighearna, O m’anam. Molaibh-se an Tighearna.

Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thill an fhairge ga neart, nuair a shoillsich a’ mhadainn; agus theich na h‑Eiphitich na h‑aghaidh; agus chuir an Tighearna na h‑Eiphitich fodha ann am meadhon na fairge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan