Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 38:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là.

An tusa an ciad duine a rugadh? No ro na cnocan an do rinneadh thu?

Cladhaichidh iad anns an dorchadas tro thaighean a chomharraich iad dhaibh fhèin anns an là; chan aithne dhaibh an solas:

Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach?

A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as.

An aithne dhut e, a chionn gun do rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnachan mòr?

Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad.

(Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:)

Is leatsa an là, mar an ceudna is leatsa an oidhche; is tu a dheasaich solas agus grian.

Iarraibh esan a tha a’ dèanamh nan seachd reultan agus Orion; agus a’ tionndadh sgàil a’ bhàis gu madainn, agus a nì an là dorcha mar an oidhche: a tha a’ gairm air uisgeachan na fairge, agus gan dòrtadh a‑mach air aghaidh na talmhainn; is e Iehòbhah a ainm:

Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,

Tha againn mar an ceudna facal fàidheadaireachd as cinntiche; dom math a nì sibh aire a thoirt, mar do lòchran a tha a’ toirt solais uaithe ann an ionad dorcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an reul-mhaidne nur cridheachan:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan