As an àird a deas thig an ioma-ghaoth, agus fuachd as an àird a tuath.
An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e,
A tha a’ dèanamh Arcturuis, Orioin, agus Phleiades, agus seòmraichean na h‑àird a deas:
Tha e a’ leagadh sailthean a sheòmraichean anns na h‑uisgeachan, a’ dèanamh nan neul nan carbad dha fhèin, a’ siubhal air sgiathan na gaoithe;
Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd?
Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl-chàinidh.
Trom-eallach fàsach na fairge. Mar dhoineannan anns an àird a deas, a’ dol seachad: on fhàsach tha e a’ teachd, o thìr uamhasaich.
Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas.