Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 37:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air làimh gach duine cuiridh e seula, a‑chum gun aithnich na h‑uile dhaoine a obair-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

Cuimhnich gun àrdaich thu a obair-san, a chì daoine.

A tha a’ toirt innleachdan nan cuilbheartach gu neoni, air chor is nach coilean an làmhan an gnìomh:

A dh’àithneas don ghrèin, agus chan èirich i; agus air na reultan a chuireas seula:

A‑chum gum bi fhios aca gur i seo do làmh, gur tusa, a Thighearna, a rinn e.

Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leòsan uile aig a bheil tlachd annta.

Thigibh, faicibh obraichean an Tighearna, gach lèirsgrios a rinn e air thalamh.

Agus bidh eagal air gach duine, agus cuiridh iad an cèill obair Dhè, oir tuigidh iad a ghnìomh-san.

Oir rinn thu mi aoibhinn, a Thighearna, trìd d’obraichean-sa; ann an gnìomharan do làmh nì mi gàirdeachas.

An sin chunnaic mi uile obair Dhè, nach urrainn duine an obair a nìthear fon ghrèin fhaotainn a‑mach; a chionn ged nì duine a dhìcheall air a faotainn a‑mach, gidheadh nach faigh e i; seadh fhathast, ged shaoil duine glic gum faigh e eòlas oirre, nach urrainn e a faotainn a‑mach.

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

Agus tha a’ chlàrsach, agus a’ chruit-chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan