Na dhèidh sin beucaidh guth: nì e tàirneanach le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth.
Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?
Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich;
Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul.
Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn.
Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn.
A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?
Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein-adhair, agus chlaoidh e iad.
Dhàsan a tha a’ marcachd air nèamhan nan nèamh o chian! Feuch, tha e a’ cur a‑mach a ghutha, guth neirt.
Chan eil neach cosmhail ri Dia Iesuruin, a tha a’ marcachd air nèamh ad chòmhnadh, agus na mhòrachd air na speuran.