Agus togaidh e an àird bratach airson nan cinneach, agus tionailidh e dìobaraich Israeil, agus muinntir sgapte Iùdah cruinnichidh e le chèile o cheithir ceàrnan na talmhainn.
Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.