Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul.
Rinn an Tighearna tàirneanach o na nèamhan, agus leig an Tì as àirde a ghuth a‑mach.
Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich;
A bhàrr air seo, an urrainn neach air bith sgaoileadh nan neul a thuigsinn, no fuaim a phàillein?
Nochdaidh an fhuaim aige a‑thaobh sin, an sprèidh mar an ceudna a‑thaobh na thèid suas.
Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e.
Na dhèidh sin beucaidh guth: nì e tàirneanach le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth.
Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn.
An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e,
A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?
Od achmhasan-sa theich iad, o ghuth do thàirneanaich ghreas iad romhpa.
Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, agus bheir e air a’ cheò dol suas o iomallan na talmhainn; nì e dealanach le frasan agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.