Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 37:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tionndaidhear mun cuairt e le a chomhairle; a‑chum gun dèan iad ge bè nì a dh’àithneas e dhaibh air aghaidh a’ chruinne-chè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Le a làmhan còmhdaichidh e an solas, agus àithnidh e dha teachd a‑rìs.

Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn.

Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas.

Cuiridh e a‑mach a àithne air thalamh; gu luath ruithidh a fhacal.

Teine agus clach-shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail;

Ullaichibh àr airson a chloinne, airson aingidheachd an athraichean: a‑chum nach èirich iad, agus nach sealbhaich iad an talamh, agus nach lìon iad aghaidh an domhain le bailtean.

Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

Bithibh ait, matà, O chlann Shioin, agus dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna ur Dia; oir thug e dhuibh an ciad uisge ann an ceart-thomhas; agus bheir e air frasan teachd a‑nuas dur n‑ionnsaigh, an ciad uisge, agus an t‑uisge deireannach amhail roimhe seo.

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan