Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 37:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir nuair a chuimhnicheas mi, tha eagal orm; agus glacaidh geilt-chrith m’fheòil.

Nochdaidh an fhuaim aige a‑thaobh sin, an sprèidh mar an ceudna a‑thaobh na thèid suas.

Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul.

An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e,

Thàinig eagal orm agus crith, a thug air mo chnàmhan gu lèir criothnachadh:

Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.

Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.

Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.

Agus gu h‑obann bha crith-thalmhainn mhòr ann, air chor is gun do chrathadh bunaitean a’ phrìosain: agus air ball dh’fhosgladh na dorsan uile, agus dh’fhuasgladh cuibhrichean gach neach aca.

Agus air gairm solais dhàsan, leum e a‑steach, agus thàinig e air chrith, agus thuit e sìos an làthair Phòil agus Shilais;

Agus mu Dhan thubhairt e, Is cuilean leòmhainn Dan: leumaidh e o Bhasan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan