Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 36:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Leig dhomh beagan, agus nochdaidh mi dhut gu bheil fhathast nì agam ri labhairt airson Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Fuilingibh dhomh, agus labhraidh mi; agus an dèidh dhomh labhairt, cuiribh ri ur fanaid.

Feuch, tha mise, mar a tha thu fhèin, o Dhia; as a’ chrèidh dhealbhadh mise mar an ceudna.

Agus chaidh Elihu air aghaidh, agus thubhairt e,

Tàirngidh mi m’eòlas o chèin, agus dom Chruithear bheir mi ceartas.

Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan.

Agus labhraidh tu mo bhriathran-sa riu, co aca a dh’èisdeas iad, no a dhearmadas iad; oir tha iad ro‑cheannairceach.

Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

Agus guidheam oirbh, a bhràithrean, sibh a ghiùlan facal na h‑earalach; oir sgrìobh mi gu h‑aithghearr dur n‑ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan