Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 35:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe a bhios ann dhutsa? Agus, ciod a’ bhuannachd a bhios ann dhòmhsa, ma shaorar mi om pheacadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ma bhios mi aingidh, mo thruaighe mi! Agus ma bhios mi ionraic, cha tog mi mo cheann. Làn maslaidh tha mi, agus faic fhèin m’àmhghar;

Cò e an t‑Uile-chumhachdach, gun dèanamaid seirbhis dha? Agus ciod an tairbhe a bhios ann dhuinn, ma nì sinn ùrnaigh ris?

Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich on àirde?

Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia.

Freagraidh mise thu, agus do chompanaich maille riut.

Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

Da‑rìribh, gu dìomhain ghlan mi mo chridhe, agus nigh mi mo làmhan ann an neochiontas.

Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan