Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus èisdeadh duine glic rium.
Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile-chumhachdach.
A‑nis ma tha tuigse agad, cluinn seo; èisd ri guth mo bhriathar:
Cluinnibh mo bhriathran, a dhaoine glice, agus èisdibh rium, sibhse aig a bheil eòlas:
An ann a rèir do thoile-sa a bu chòir an nì a bhith? Dìolaidh e e, ma dhiùltas tusa, oir is tu fhèin a roghnaicheas, agus cha mhise; uime sin an nì as aithne dhut labhair.
Labhair Iob gun eòlas, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais.
Roghnaicheamaid dhuinn fhèin breitheanas: biodh fhios againn eadarainn fhèin ciod an nì a tha math.
Tha mi a’ labhairt mar ri daoine tuigseach: thugaibh-se breith air an nì a tha mi ag ràdh.