Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh.
Nach dearbh a’ chluas briathran? Agus nach blais am beul a bhiadh?
Oir cha do leig mi lem bheul peacachadh le mallachadh iarraidh air a anam.
Feuch, a‑nis dh’fhosgail mi mo bheul; labhair mo theanga ann am bheul.
Cluinnibh mo bhriathran, a dhaoine glice, agus èisdibh rium, sibhse aig a bheil eòlas:
Roghnaicheamaid dhuinn fhèin breitheanas: biodh fhios againn eadarainn fhèin ciod an nì a tha math.
A bheil ann am theangaidh euceart? Nach aithnich mo bhlas nithean fiara?
Ach bheir an duine spioradail breith air na h‑uile nithean, gidheadh chan eil e fhèin fo bhreith duine sam bith.
Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.