Seadh, gu cinnteach cha dèan Dia gu h‑aingidh, agus cha chlaon an t‑Uile-chumhachdach breitheanas.
Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?
Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile-chumhachdach.
Cò a dh’fhiosraich a shlighe? Agus cò a dh’fhaodas a ràdh, Rinn thu euceart?
Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile-chumhachdach ceartas?
Oir is ionmhainn leis an Tighearna cheart ceartas; amhaircidh a ghnùis air an duine ionraic.
Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.